Port-adhair Bhaile na h-Eaglaise
An doras gu Eileanan Arcaibh le slighe dìreach gu Baile na h-Eaglaise.
Tha Port-adhair Bhaile na h-Eaglaise a' toirt slighe rèidh gu Eileanan Arcaibh bho phrìomh mhòr-bhailtean na h-Alba, Sealtainn agus Nirribhidh. Tha cuideachd ceanglaichean adhair eadar-eileanan ann gu na h-eileanan Arcach a tuath. Do luchd-siubhail gnothaich agus tlachd - is e Baile na h-Eaglaise meadhan còmhdhail adhair dha na h-eileanan.
'S e ceann-uidhe sònraichte a th' ann an Arcaibh le roghainn de chòrr agus 70 eilean sgapte no mar sin a tha nam pàirt den innis-mhuir, agus tha mothachadh làidir eachdraidh agus cultar ann. 'S e Baile na h-Eaglaise am prìomh bhaile agus 's e ionad gasta a th' ann airson a dhol mun cuairt nan eilean, no dìreach airson siubhal agus coimhead air na làraich agus na h-ionadan-bìdh a tha ann air fad.
Tha sàr sheirbheisean aiseig agus adhair eadar na h-eileanan, agus faodaidh sibh an turas-adhair clàr-ama as giorra air an t-saoghal a ghabhail - a mhaireas dà mhionaid - eadar eileanan Westray agus Papa Westray.
Tha turais-adhair gu agus à Baile na h-Eaglaise gu Obar Dheathain, Dùn Èideann, Glaschu, Sumburgh Sealtainn) agus gu na h-eileanan ionadail, Eday, Ronaldsay a Tuath, Westray & Papa Westray agus Eilean nan Caorach. As t-samhradh tha turas-adhair gu Bergen a h-uile Diciadain agus Disathairne gu deireadh an Lùnastail.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí


