Port-adhair Bheinn na Fadhla
Tha Beinn na Fadhla na bhoillsgean do na h-Eileanan a Deas, is e na chlach sìnteig eadar Uibhist a Tuath agus a Deas!
Tha Port-adhair Bheinn Na Fadhla a' toirt seirbheis dha eileanan Beinn na Fadhla, Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas anns na h-Eileanan Siar. Tha na h-eileanan air an ceangal le sreath de chabhsairean; tha tràighean glan àlainn ann agus tha feurach oirthireach a' mhachair ann mar anns na h-eileanan air fad. Tha na h-eileanan nan ceann-uidhe a tha a' còrdadh ri daoine a tha dèidheil air cur-seachadan a-muigh agus spòrsan dùthchail nam measg sin iasgach bhradain.
À Beinn na Fadhla, tha turais-adhair a' fàgail gu agus à Glaschu, Barraigh agus Steòrnabhagh.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí.


