Highland and Islands Airports

Local Access Global Outlook

HIAL Group

Port-adhair Dhùn Dèagh

 

Tha Port-adhair Dhùn Dèagh moiteil gur e am port-adhair as fhaisge do "chreathall goilf", Raon Goilf Rìoghail agus Àrsaidh Chill Rìmhinn - an t-àite air a shònrachadh airson an ‘Open' 2010. Chan eil an raon ach astar 20 mionaid sa chàr bhon phort-adhair agus tha e ann an deagh shuidheachadh airson mòran de na raointean goilf as fheàrr agus gun choimeas san RA, leithid Càrn Fheusda agus Gleann na h-Eaglais gun luaidh air a' chòrr!

Tha faireachdainn beothail agus os-nàiseanta aig mòr-bhaile Dhùn Dèagh, a' cumail caochladh cho-labhairtean, chuirmean-cluiche agus meallaidhean tron bhliadhna - tha daonnan rudeigin ri fhaicinn agus ri dhèanamh. Faodaidh sibh eachdraidh Dhùn Dèagh a rannsachadh le malairt an diùt aig na ‘Verdant Works', no iongnadh a ghabhail air sealladh an "RRS Discovery Ship" a thug còmhdhail do thuras Scott dhan Antartaig.

Tha bùthan fìor mhath ann an Dùn Dèagh, bùthan gun choimeas agus caochladh sheòrsachan thaighean-bìdh agus thaighean-seinnse anns am faod sibh fois a ghabhail.

Tha Dùn Dèagh na dhoras goireasach do Fhìobha, Siorrachd Aonghais, Peairt agus Ceann Rois agus tha e nas lugha na uair a thìde de dhràibheadh bho thoiseach na Gàidhealtachd. An lùib astar goirid dràibhidh tha roghainn de choiseachd chnoc, rothaireachd beinne, goilf, iasgach slaite agus fìor dheagh àitean-turais eachdraidheil.

Tha turais-adhair a' fàgail gu agus à Mòr-bhaile Lunnainn, Beul Feirste, Mòr-bhaile Bhirmingham agus tha turas-adhair fastaidh gu Jersey rè an t-samhraidh.

Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí