Port-adhair Inbhir Ùige
B' e tuineachadh Lochlannach a bh' ann an Inbhir Ùige bho thùs, agus aon de na puist sgadain bu thrainge san RA, tha Inbhir Ùige an-diugh na dhachaigh dha taigh-staile Old Pultney, Ionad Dualchais a tha air duaisean a chosnadh agus cala is ionad-mara ùr-nodha.
Tha Port-adhair Inbhir Ùige suidhichte ann am fìor ceann a tuath tìr-mòr na h-Alba ann an Gallaibh agus Cataibh agus tha e a' tabhann àrainn nàdarrach ghlan le coimhearsnachdan beaga iomairteach.
Tha am port-adhair a' tabhann turas-adhair làitheil gu Obar Dheathain agus Dùn Èideann do luchd-siubhail gnothachais agus cur-seachad. Agus don fheadhainn a tha a' ruighinn a' phuirt-adhair, 's e stairsneach cuid de na seallaidhean tìre as iongantaich àlainn iomraiteach ann an dualchas is sgeulachdan, dìreach mionaidean air falbh sa chàr.
Tha Port-adhair Inbhir Ùige ann an suidheachadh freagarrach airson seallaidhean tìre dràmadach, fiadh-bheatha agus dualchas Ghallaibh & Chataibh a rannsachadh. 'S e Inbhir Ùige am prìomh bhaile ann an ceann an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba agus tha e glè fhaisg air an dachaigh a bha aig Màthair na Banrigh aig Caisteal Mheigh. Chaidh an Caisteal fhàgail fo Urras do mhuinntir Ghallaibh agus tha e air a bhith a' còrdadh ri mòran luchd-turais san t-Siorrachd. Tha rudeigin don h-uile duine ann an Gallaibh eadar sàr iasgach thar tomhais, marcachd nan tonn agus togail sealladh air eòin no arc-eòlas, dualchas agus eachdraidh.
Tha turais-adhair gu agus à Inbhir Ùige gu Dùn Èideann agus Obar Dheathain.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí


