Highland and Islands Airports

Local Access Global Outlook

HIAL Group

Port-adhair Ìle

 

Deagh chliù airson mac na braiche agus canar "Banrigh nan Innse Gall" ris!

Tha Port-adhair Ìle suidhichte ann am meadhan eilean Ìle. 'S e "Banrigh nan Innse Gall" a chanar ris an eilean ann an Alba, air sgàth a sheallaidhean tìre mìorbhaileach, aimsir tlàth agus mac na braiche ainmeil a thathar a' dèanamh. Tha am port-adhair le a cheangal dìreach à Glaschu, na àite freagarrach airson tòiseachadh a' rannsachadh an eilein shònraichte seo anns a bheil cultar agus dualchas saidhbhir.

Tha Port-adhair Ìle suidhichte ann am meadhan Eilean Ìle aig Gleann Eagadail faisg air Bàgh a' Machair a tha mu thuairmse 4 no 5 mìle à Port Ilein.

'S e eilean àlainn a th' ann an Ìle, a tha ainmeil airson an iomadh taigh-staile uisge beatha a th' ann, le dusan tràigh, grunnan làraich eachdraidheil agus rùm gu leòr airson an luchd-turais air fad. Air latha soilleir chì sibh bhuaibh a-null gu Èirinn.

Tha turais-adhair a' fàgail gu agus à Glaschu gu Ìle.

Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí­