Port-adhair Steòrnabhaigh
'S e seo am prìomh cheangal adhair gu Eilean Leòdhais, ainmeil airson marag dhubh Steòrnabhaigh, seallaidhean tìre dràmadach, tràighean geala gainmhich agus eachdraidh bheairteach.
'S e Steòrnabhagh am prìomh bhaile ann an Leòdhas anns na h-Eileanan Siar. Tha am baile suidhichte mu 10 mionaid ann an càr bho Phort-adhair Steòrnabhaigh agus 's e port trang a th' ann le ionadan tarraingeach leithid Gailearaidh Ealain An Lanntair, Ionad Bheairt Leòdhais (ag innse sgeulachd a' Chlò Hearach) agus Museum nan Eilean. Cha bhith turas a Steòrnabhagh slàn gus am feuch sibh marag dhubh ainmeil Steòrnabhaigh a tha air a cur air feadh an t-saoghail.
Tha Steòrnabhagh ann an deagh shuidheachadh airson eileanan Leòdhais agus na Hearadh a rannsachadh. Tha seallaidhean tìre dràmadach, eachdraidh bheairteach (am measg sin Tursachan Chalanais aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail), fiadh-bheatha pailt agus tràighean geala gainmhich anns an dà chuid. Tha iomadh seòrsa àite fuirich ann bhon L & B gu caistealan agus tha aoigheachd nan Innse Gall ainmeil airson a bhlàths agus fhialaidheachd!
Tha turais-adhair gu agus à Steòrnabhagh gu Obar Dheathain, Dùn Èideann, Glaschu, Inbhir Nis agus Beinn na Fadhla.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí


