Port-adhair Sumburgh (Sealtainn)
Tha Sealtainn na dhachaigh aig Biastan-dubha, Buthaidean, Sealltainnich agus tha aon de na colonaidhean eòin as motha anns a' Chuan Siar a Tuath ann.
'S e Port-adhair Sumburgh am prìomh phort-adhair airson Sealtainn agus tha e mu thuairmse 25 mìle deas air a' phrìomh bhaile/ port Lèiruig. Tha am port-adhair a' toirt ceanglaichean ri prìomh mòr-bhailtean na h-Alba, Arcaibh agus Nirribhidh.
'S e bun dualchais Lochlannach anns a bheil Sealtainn a' freumhachadh, agus tha ainmean-àite nam fianais air an seo agus an fhèis theine bhliadhnail Up Helly Aa aig deireadh an Fhaoillich. Tha e na dhìdean do dh'eòin, agus tha e na dhachaigh do chòrr agus millean dhiubh anns na diofar ràithean. Tha na h-eileanan ainmeil cuideachd mar sàr àite coiseachd, rothaireachd is siubhail agus airson amharc air mucan-mara. Tha Sealtainn cuideachd ainmeil airson obair-fighe ‘Fair Isle' agus ceòl.
Tha turais-adhair gu agus à Obar Dheathain, Baile na h-Eaglaise (Kirkwall), Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis, agus ann am mìosan an t-samhraidh tha seirbheis dà uair san t-seachdain gu Bergen.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí


