Port-adhair Thiriodh
An t-eilean as fhaide an iar anns na h-Eileanan a-staigh agus an t-àite as grianaiche san RA!
Tha Port-adhair Thiriodh suidhichte air eilean Thiriodh anns na h-Eileanan a-staigh, thar oirthir an iar na h-Alba. Tha port-adhair Thiriodh suidhichte air oirthir an ear-dheas an eilein. 'S tric a bhios na h-ìrean grèine bliadhnail as àirde san RA gan clàradh aige. Tha uisgeachan oirthireach an eilein cuideachd ainmeil mar àite barraichte airson tachartasan marcachd-thonn.
Tha Tiriodh suidhichte air An Ruighe, earrann mhòr de mhachair rèidh ann am meadhan Thiriodh. 'S e feurach gainmhich a chaidh a leasachadh ann an aimsir fhliuch agus gaothach a th' ann am machair. Tha baile Thiriodh a' tabhann dealbh tìre sònraichte, leis a' mhuir air a chùlaibh, flùraichean fiadhain tràth san t-samhradh agus ailtireachd thraidiseanta Innse Gall agus àitean sìtheil a tha a' dèanamh cinnteach gun till luchd-turais uair is uair.
Le tràighean glòrmhor gainmhich mun cuairt agus le pailteas de shìde fhiathaich a' Chuain Siar faodaidh sibh Tiriodh a mhealtainn mar àite airson "faighinn air falbh bhuaithe uile" agus fois a ghabhail, no mar cheann-uidhe le deagh shuidheachadh airson cuid den spòrs as inntinneach san t-saoghal. Tha seòladh thonn agus marcachd-thonn a' tàladh an luchd-farpais as fheàrr san t-saoghal gu Clasaig Thonn Thiriodh gach Dàmhair. Tha Caidhacadh mara, gheatadh gainmhich agus spòrsan deuchainn leithid marcachd itealeig a' tàladh daoine sgairteil agus dàna gu Tiriodh.
Tha mòran eile a' tadhail anns an eilean dìreach gus tlachd a ghabhail anns na tràighean geala gainmhich, na dùintean agus an iomadh seòrsa flùr fiadhain eadar-dhealaichte a th' ann agus an àireamh mhòr fharsaing de dh'eòin a th' ann. Tha grunnan làraich àrsaidheil ann an Tiriodh nam measg sin dùn agus grunnan chrannagan, agus taighean-tasgaidh aig Sandaig agus Haoidhnis a tha a' tabhann sealladh don luchd-turais air beatha san eilean anns na làithean a dh'fhalbh.
Tha turais-adhair gu agus à Tiriodh gu Glaschu, An t-Òban agus Collla.
Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí


