Phuirt-adhair na Gàidhealtachd’s nan Eilean
Fàilte gu Làrach-lìn Phuirt-adhair na Gàidhealtachd's nan Eilean
Tha sinn ag obair a-mach à 11 port-adhair taobh a-staigh na Gàidhealtachd's nan Eilean:
- Barraigh
- Beinn na Fadhla
- Ceann Loch Chille Chiarain
- Dùn Dèagh
- Inbhir Nis
- Ìle
- Baile na h-Eaglaise (Arcaibh)
- Steòrnabhagh
- Sumburgh
- Tiriodh
- Inbhir Ùige
Tha fiosrachadh air slighean, gnìomhaichean buidheann-adhair agus na seirbheisean a tha rim faotainn aig gach port-adhair san liosta gu h-ìosal, còmhla ri ceanglaichean lìn gu làraich-lìn far am faighear mion-fhiosrachadh air turais-adhair, clàran-ama agus fiosrachadh air tiogaidean.
Tha feartan sònraichte fa leth aig gach port-adhair, ach gheibhear fàilte Ghàidhealach agus seirbheis mhath do luchd-cleachdaidh annta uile, rud air a bheil Buidheann HIAL a-nis aithnichte.
Anns gach earrann port-adhair, gheibhear liosta de chinn-uidhe a tha rim faotainn bhon phort-adhair, gnìomhaichean, clàradh-siubhail, agus fiosrachadh mu uairean fosglaidh agus na tha ri dhèanamh agus ri fhaicinn san sgìre ionadail.

