Highland and Islands Airports

Local Access Global Outlook

HIAL Group

Port-adhair Inbhir Nis

 

Stairsneach na Gàidhealtachd

'S e Port-adhair Inbhir Nis stairsneach adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Suidhichte 15 cilemeatair an ear air a' mhòr-bhaile, chan eil e ach fichead mionaid ann an càr à meadhan na cathrach agus faisg air lìonra siubhail farsaing na roinne.

Tha gu leòr de phrìomh àitean turais na Gàidhealtachd fo uair a thìde de dhràibheadh à Inbhir Nis, agus tha iad uile fo dhà uair a thìde. Tha seo a' fàgail Port-adhair Inbhir Nis na ionad inntrigidh gasta don luchd-turais air fad.

Bidh fàilte chridheil Ghàidhealach romhaibh aig a' Phort-adhair, slighe rèidh gu ur bagaichean, agus fìor dheagh cheanglaichean còmhdhail airson na turais air adhart leithid companaidhean nàiseanta fastadh chàraichean, seirbheis bus tric do dh'Inbhir Nis no Eilginn agus sàr sheirbheis tagsaidh ionadail.

Tha Turais-adhair Clàr-ama a' ruith eadar Inbhir Nis agus Gatwick Lunnainn, Luton Lunnainn, Beul Feirste, Birmingham, Bristol, Manchester, Dùn Èideann, Steòrnabhagh, Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh agus Sumburgh ann an Sealtainn.

Tha Turais-adhair Fastaidh Samhraidh a' gabhail a-steach Bulgàiria, Croàisia, Jersey, Majorca, Madìora, Malta, agus Zurich (An Eilbheis).

Cliceáil anseo le do thoil ar fhaisnéis aerfoirt agus eolais do fhaisnéis chuairteoirí