Local Access Global Outlook

HIAL Group

Cathair Bhaile Inbhir Nis agus nas fhaide air adhart

 

'S e Inbhir Nis ceanna-bhaile na Gàidhealtachd agus an cathair bhaile as fhaide tuath san RA, a tha a' tabhann ionad soirbheachail airson gnothachas, malairt agus rianachd phoblach. Tha e cuideachd na phrìomh ionad cultarach le eachdraidh bheairteach, suidhichte an teis meadhan dùthcha as bòidhche san Roinn Eòrpa. 

Tha am baile fhèin loma-làn mheallaidhean, dhibhearsain agus àitean fìor mhath airson ithe agus fuireach.

Tha Taigh-cluiche Cùirt an Aodainn, anns a bheil gailearaidh ealain agus dà thaigh-dhealbh, suidhichte air bruaichean Abhainn Nis. A' coiseachd ris an abhainn, gheibh sibh Raon-deighe, Ionad Bòbhlaidh, Ionad Chur-seachadan agus Amar-snàmh agus na gàrraidhean Flùrach ainmeil far am faicear flùraichean tropaigeach agus ionadail.

'S e Inbhir Nis an ceann-uidhe riatanach do luchd-turais a tha a' tòiseachadh air an turas rannsachaidh tron Ghàidhealtachd. Tha tràighean gainmhich, leumadairean, ròin agus mucan-mara Caolas Mhoireibh dìreach gu tuath, agus tha Loch Nis iomraiteach gu deas, far am faod luchd-turais feuchainn ris an uile-bheist a tha ainmeil air feadh an t-saoghail a lorg, seòladh air Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir agus tobhta Chaisteal Urchardain a rannsachadh.

Bha Caisteal Inbhir Nis na dhaingneach aig feachd an Rìgh ron Bhlàr iomraiteach Chùil Lodair, 16 Giblean 1746. Faisg air a' phort-adhair, tha an raon-catha fhèin na chomharra-tìre tiamhaidh agus tha Dùn Deòrsa na shamhla air an fhòirneart chruaidh a rinneadh an dèidh dha na Seumasaich call. Tha a bhith a' tadhal air Cùil Lodair, am blàr làimh ri làimh mu dheireadh a chaidh a chur air fearann Bhreatainn, a' gabhail ciall eile le fosgladh an ionad turasachd agus taisbeanadh eadar-ghnìomhach. Tha an raon-catha fhèin air ùrachadh cho coltach 's a ghabhas ri mar a bha nuair a chaidh a shaltradh fo chasan an dà airm air an latha mhì-fhortanach ud. Thigibh agus faicibh carson a dh'atharraich am blàr seo, nach do mhair ach uair a thìde, dòigh-beatha air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gu bràth! (www.nts.org/culloden)

Tha ionadan ciùil traidiseanta beò eadar Caisteal Chaladar agus Taigh-cluiche ùr Cùirt an Aodainn a' tabhann pailteas de cheòl, le dìnnearan spaideil agus annasan bìdh ionadail rim faighinn sa bhaile, agus nas fhaide a-mach às, dha daoine a tha dèidheil air biadh math. Tha Pàirc Fiadh-bheatha le mathan geal agus tìgear agus mòran bheathaichean eile faisg air Inbhir Nis.

Bho Inbhir Nis gu ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd, gheibhear aon de na ceàrnaidhean as bòidhche, as drùidhtiche 's as nàdarra san RA. Faodaidh luchd-turais beanntan a shreap, an geo-eòlas iongantach a sgrùdadh, coiseachd anns na cnuic, siubhal anns na seann choilltean Chaileadonach agus coimhead airson fèidh, iolairean buidhe, iolairean-iasgaich agus biastan-dubha.

Tha cuairtean rothair beinne gun samhail agus gu leòr spòrsan uisge air an oirthir agus air na lochan. Bidh iasgairean-slaite a' tighinn airson an iasgaich ainmeil bhradain agus bhric, bidh goilfearan a' tighinn airson cuid de na cùrsaichean machair agus pàirce mìorbhaileach - cuid den fheadhainn as ainmeil ann an Dòrnach, Inbhir Narann, Brùra agus Srath Spè.

Tha Taobh Spè a' tabhann còrr agus dusan taigh-staile mac na braiche, an dòigh as fheàrr air deoch nàiseanta na h-Alba a lorg. Chan eil an Aghaidh Mhòr ach leth uair a thìde à Inbhir Nis sa char, suidhichte ann am meadhan Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, a tha na àite tarraingeach airson spòrs fad na bliadhna.

Tha a' Ghàidhealtachd cuideachd na dachaigh airson sreath de phrìomh fhèisean, leithid Rock Ness agus Belladrum - àitean follaiseach dha còmhlain-ciùil ionadail agus nàiseanta. Tha cuideachd prògram beothail de dh'fhèisean leabhraichean, prìomh thachartasan agus geamannan Gàidhealach ionadail.