Goireasan a' Phuirt-adhair
Tha an Deasg Fiosrachaidh fosgailte bho 06.30 gu 21.30, Diluain gu Dihaoine agus bho 06.30 - 17.00 Disathairne agus 08.30 gu 21.30 Didòmhnaich - 's e 00 44 1 667 464 000 an àireamh fòn.
Còmhdhail | Seirbheis bus agus tagsaidh ionadail rim faighinn chun agus bhon a' phort-adhair Tha stèiseanan bus is trèana ann am meadhan Inbhir Nis le ceanglaichean chun chòrr den Ghàidhealtachd agus nas fhaide air adhart. | Tha Fastadh Càr ri fhaighinn ann an togalach a' phuirt-adhair. Pàirceadh chàraichean geàrr is fad-ùine astar goirid bhon Togalach air chois |
Cobhair Shònraichte | Bu choir Cobhair Shònraiche a chur air dòigh le ur buidheann- adhair mus siubhail sibh. Fios gu Buidhnean-adhair: EasyJet: 00 44 871 244 2366 Flybe: 00 44 871 700 0535 | Am measg nan goireasan tha: Taighean-beaga Ciorramaich, Sèithrichean-cuibhle, Siostaman Lùib Cobhair Claisneachd, Ambulift, Goireasan ramp, agus Àitean Pàircidh Chiorramaich ri taobh an Togalaich. |
Tèarainteachd agus Clàradh-siubhail | Feumar dà uair a thìde fhàgail airson turas-adhair eadar-nàiseanta agus 90 mionaid airson turas dùthchail à Inbhir Nis. | Airson làn fhiosrachadh mu thèarainteachd agus clàradh siubhail leanaibh an ceangal seo |
Bùthan agus Cafaidhean | Tha diofar bhùthan agus cafaidhean ann an togalach a' phuirt-adhair. Tha iad seo fosgailte don h-uile neach a tha a' tadhal air a' phort-adhair. | Am measg nam bùthan tha: W H Smith - pàipearan-naidheachd, irisean agus nithean ionnlaid The Jail - obair-ceàird, tiodhlacan agus cuimhneachain air an dèanamh gu h-ionadail air feadh na sgìre Cafaidh Starbucks - diofar chofaidhean, lataidhean agus tì ainmeil air an lìbhrigeadh le muffins, ceapairean agus pastraidhean càilear Bàr agus Taigh-bìdh D'lish Fosgailte airson bracaist, lòn agus suipearan tràth, tha diofar ghrèimean-bìdh, biadh agus milseanachd san taigh-bìdh. Tha am bàr fo cheadachd bho 08.30 Diluain gu Disathairne agus bho 12.30 Didòmhnaich. |
Goireasan Taigh-beag | Gheibhear taighean-beaga sa phrìomh àrainn agus anns an t-seòmar fhàgail. | Tha inntrigeadh do shèithear-cuibhle anns gach àite. |
Caibeal | Tha Caibeal iomadh buidheann creideimh ri faotainn. | Gheibhear seo ann am prìomh thogalach a' phuirt-adhair |
Seòmar-suidhe Fàgail | Gheibhear cafaidh, bàr agus bàr ghrèimean-bìdh dha luchd-siubhail a tha a' feitheamh gus fàgail san t-seòmar-suidhe seo. | Àrd Sheòmar-suidhe-Tha Seòmar-suidhe na Gàidhealtachd a' tabhann a h-uile goireas ris am biodh dùil, nam measg sin deochan, grèimean-bìdh, irisean agus pàipearan-naidheachd dùrachdach agus Wi-Fi an asgaidh. |


