Co-chomhairle air Plana Gàidhlig HIAL airson 2026-2031

Tha sinn a’ cur air bhog ar co-chomhairle phoblach air a’ Phlana

Mar a tha riatanach fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha sinn air an treas Plana Gàidhlig againn ullachadh. Bidh an tionndadh seo an gnìomh eadar 2026 agus 2031 agus togaidh e air an adhartas a rinn sinn gu ruige seo. Bidh am fòcas air na coimhearsnachdan far a bheil sgilean aig còrr is 20% de dhaoine, gus a’ bhuaidh as motha a thoirt.

Tha sinn a’ cur air bhog ar co-chomhairle phoblach air a’ Phlana, agus bheir na freagairtean agaibh buaidh air a' chruth mus tèid a chur a-steach gu foirmeil gu Bòrd na Gàidhlig.

Faodar am Plana a leughadh an seo, agus molaidhean no fios-air-ais sam bith a chur gu communications@hial.co.uk ro 4 Dàmhair.

Published: 20th August 2026