Tha Ministearan na h-Alba airson suas ri triùir Stiùirichean Neo-ghnìomhach fhastadh do Bhòrd Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta (HIAL).
Aig an àm seo, tha Bòrd HIAL air a dhèanamh suas den Chathraiche agus dithis Stiùiriche Gnìomhach, is iad sin an t-Àrd-oifigear agus am Prìomh Oifigear Ionmhais Eadar-amail aig HIAL. Tha dà Stiùiriche Neo-ghnìomhach ann cuideachd.
Bu chòir eòlas a bhith aig tagraichean air gin de na raointean a leanas: seirbheisean adhair; goireasan daonna agus leasachadh dhaoine (a’ gabhail a-steach obair le aonaidhean-ciùird); agus air gnìomhachas san fharsaingeachd. Am measg nan slatan-tomhais airson nan dreuchdan, tha eòlas beatha air na coimhearsnachdan a tha a’ faighinn seirbheis bho phuirt-adhair HIAL, agus air na seirbheisean a tha iad a’ tabhann. A bharrachd air sin, feumaidh comas a bhith aig tagraichean sealltainn gu bheil tuigse aca air na prìomh chùisean a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail san sgìre.
Faigh a-mach barrachd mu Bhuill Bùird agus Àrd-sgioba Stiùiridh HIAL.
Gheibhear làn fhiosrachadh aig Search Jobs - Scottish Government Recruitment Careers. ’S e 5:00f Dimàirt 16 Samhain 2026 an ceann-latha mu dheireadh airson tagraidhean.