Aithisg Bhliadhnail is Cunntasan – 2022/23

Thèid an aithisg bhliadhnail agus cunntasan againn airson 2022/2023 fhoillseachadh an-diugh.

Tha sinn air an aithisg bhliadhna agus cunntasan againn airson 2022/23 fhoillseachadh às dèidh àm de dh’ath-chothromachadh agus de dh’adhartas seasmhach airson HIAL agus sinn a’ cumail oirnn a’ gluasad air falbh bho shlànachadh às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte agus a dh’ionnsaigh fòcas air neartachadh ar seirbheisean do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.

Bha àireamh an luchd-siubhail aig beagan a bharrachd air 1.4millean aig deireadh na bliadhna ionmhais. Tha seo na àrdachadh de cha mhòr 39% an taca ri figearan luchd-siubhail airson na bliadhna ionmhais 2021/22, agus tha seo a-nis aig faisg air 88% de na h-ìrean luchd-siubhail ron ghalar lèir-sgaoilte ann an 2019/20.

Cuidich am maoineachadh agus an taic leantainneach bho Chòmhdhail Alba sinn gus prògram calpa farsaing a lìbhrigeadh le còrr is £19.5 millean air a thasgadh gus bun-structar puirt-adhair ùrachadh agus a chumail suas agus gus cur ri faid-beatha ar puirt-adhair. Bha am prògram calpa a’ gabhail a-steach a h-uile port-adhair agus prìomh oifisean HIAL ann an Inbhir Nis agus bha e a’ gabhail a-steach rudan cho eadar-dhealaichte ri crìochnachadh obair crìonadh chladaich ann an Steòrnabhagh, obair ùrachadh raointean-laighe agus pròiseactan ath-nuadhachadh ann an Sumburgh is Ìle agus a bhith a’ cruthachadh shiostaman ùra gus taic a chumail ris na foincseanan ionmhas, HR, obrachaidh againn.

Airson na bliadhna a chrìochnaich sa Mhàrt 2023, fhuair HIAL subsadaidh poblach de £55,868,447 a’ gabhail a-steach maoineachadh teachd-a-steach de £37,881,946 agus maoineachadh calpa de £17,986,500 agus le maoineachadh iasaid de £1,567,036 a bharrachd airson nan gnothaichean coimeirsealta againn.

Ann an saoghal a tha caochlaideach agus a’ sìor atharrachadh, thugadh buaidh air HIAL san aon dòigh ’s a tha air tachairt le mòran ghnìomhachasan eile le cuideaman mòra eaconamach is ionmhasail. Thug seo oirnn ar n-amasan ath-chothromachadh agus ar prìomhachasan ro-innleachdail agus ar co-dhùnaidhean a thaobh caitheamh ath-mheasadh.

Às dèidh a’ phrògram co-chomhairleachaidh fharsaing sin, dh’fhoillsich sinn ar  Plana Ro-innleachdail ath-sgrùdaichte airson 2023-28  air 22 Ògmhios 2023 às dèidh dàil mar thoradh air an atharrachadh ann an rianachd an riaghaltais.  Tha seo a’ cur an cèill ar fòcas agus amasan airson 2023/24 air adhart.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le ar co-obraichean agus ar luchd-ùidh uile agus sinn a’ feuchainn ri ar n-amasan ro-innleachdail a lìbhrigeadh.

Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan 2022-2023

Published: 14th December 2023