Bòrd-stiùiridh

Christopher William Andrew Holliday - Cathraiche HIAL

Ghabh Chris dreuchd Cathraiche HIAL air 1 Gearran 2026 às dèidh dha a bhith na Stiùiriche Neo-ghnìomhach airson na buidhne bhon Mhàrt 2020 agus na Chathraiche air Comataidh Sàbhailteachd, Tèarainteachd agus Àrainneachd Bòrd HIAL.

Tha còrr is 40 bliadhna de dh'eòlas aige air gnìomhachas nan seirbheisean adhair roinneil, a’ gabhail a-steach còrr is 20 bliadhna ann an dreuchdan gnìomhach agus neo-ghnìomhach le companaidhean-adhair roinneil ann an Alba /gu Alba agus gu coimhearsnachdan eileanach eile.

Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair do chompanaidhean-adhair, luchd-dèanamh phlèanaichean agus do chomann gnìomhachais. Am measg nan ùidhean aige ann an raon nan seirbheisean adhair tha sàbhailteachd agus solarachadh cheanglaichean adhair deatamach do choimhearsnachdan iomallach. A’ coimhead air adhart, tha Chris ag aithneachadh cho cudromach 's a tha teicneòlasan ùra a nì gnìomhachas nan seirbheisean adhair nas eaconomaiche, nas earbsaiche agus nas seasmhaiche.

Rè a chùrsa-obrach, bha obraichean aig àrd-ìre aig Chris ann an dreuchdan malairteach agus gnìomhach.. 

Tha e air obrachadh mar mhanaidsear cunntachail agus mar neach-dreuchd ainmichte ann an obair seirbheisean-adhair agus gnìomhan talmhainn agus stiùireadh leantainneach air ion-itealachd. Tha BSc (le Urram) aige ann an Adhar-sheòladaireachd bho Oilthigh Bristol.

Tha Chris a’ cur an eòlais seo uile an sàs airson na h-obair comhairleachaidh adhair aige.

Tha an t-eòlas aige mar cheannard air bùird-stiùiridh a’ gabhail a-steach dreuchdan làithreach mar Iar-chathraiche air Bòrd Port-adhair Mhanainn agus Iar-chathraiche air Comann nan Itealan Aotrom, agus tha e na Urrasair air Urras Fresson aig an àm seo.

Clàr nan Com-pàirtean

Dreuchdan le tuarastal:

  • Energy Aviation Services Ltd
  • Air Service Training (Engineering) Limited
  • Bòrd Comhairlichean Port-adhair Mhanainn

Com-pàirtean neo-ionmhasail:

  • Vale of York Strut, Light Aircraft Association - Co-òrdanaiche Strut
  • The Light Aircraft Association Ltd - NXD
  • Urras Fresson – Urrasair

Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Gnothaichean co-cheangailte:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Taighean, fearann is togalaichean:

  • (chan eil gin air an liostadh)

An t-ùrachadh mu dheireadh:

Am Faoilleach 2026