HIAL a’ foillseachadh aithisg bhliadhnail airson 2024/25

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Earranta (HIAL) air a aithisg bhliadhnail is cunntasan as ùire fhoillseachadh airson na bliadhna ionmhais 2024/25.

Tha dealas leantainneach gus teachd a-steach coimeirsealta a dhèanamh, cosgaisean gnìomhachais is obrachaidh a riaghaladh gu teann, agus èifeachdas a bhrosnachadh air sàbhalaidhean ionmhais mòra a chur an comas ann an suidheachadh ionmhais dùbhlanach. Mar thoradh air an dòigh-obrach seo, bha e comasach do Riaghaltas na h-Alba maoineachadh poblach ath-riarachadh gu raointean eile.

Tron bhliadhna, fhuair HIAL subsadaidh poblach de £47,977,000 a’ gabhail a-steach maoineachadh teachd-a-steach de £34,873,000 agus maoineachadh calpa de £12,717,000 a bharrachd air maoineachadh iasaid de £387,000 airson gnothaichean coimeirsealta.

Bha àireamhan an luchd-siubhail seasmhach aig beagan nas lugha de 1.5 millean eadar na 11 puirt-adhair uile aig HIAL, agus bha àrdachadh de 3,000 neach-siubhail againn an taca ris a’ bhliadhna roimhe. Bha na figearan aig 88% de ìrean an luchd-siubhail ron ghalar lèir-sgaoilte aig deireadh a’ Mhàirt 2025.

Thar na bliadhna ionmhais, lìbhrig HIAL prògram calpa farsaing agus sinn air còrr is £13 millean a thasgadh gus bun-structair puirt-adhair a chumail suas, ùrachadh agus a leasachadh. Chaidh an tasgadh calpa seo a sgaoileadh air feadh nam port-adhair uile agus Prìomh Oifis HIAL le fòcas air a bhith a’ cumail suas obair a tha sàbhailte agus a tha a’ gèilleadh ris na riaghailtean. Bha obair a’ gabhail a-steach obair air an raon-laighe ann an Ìle agus Kirkwall agus’ a’ faighinn bun-structair is uidheam tèarainteachd ùraichte ann an Dùn Dè, Ìle, Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.

Anns an aithisg bhliadhnail mu dheireadh aice mus leig i dhith a dreuchd mar Chathraiche a’ Bhùird, thuirt Lorna Jack, “B’ e urram a bh’ ann dhomh a bhith ag obair do choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean fad còrr is 11 bliadhna.

"Tron ùine agam aig HIAL, tha dìcheall leantainneach air a bhith aig luchd-obrach anns gach fear de na 11 puirt-adhair agus aig a’ Phrìomh Oifis agus bidh iad daonnan a’ toirt seachad seirbheis custamair càirdeil agus proifeasanta.

"Bha cuideaman ionmhasail  fhathast mur coinneimh agus ghabh co-obraichean ris an dùbhlan gu deònach agus bha àite cudromach aca ann a bhith a’ cur ri èifeachdas agus a’ comharrachadh lùghdachaidhean cosgais. Leig seo leinn sàbhalaidhean a dhèanamh agus cuibhreann mòr den taic-airgid a thug Còmhdhail Alba seachad airson nan trì bliadhnaichean ionmhais mu dheireadh a cur air ais, agus sinn a’ dèanamh nas urrainn dhuinn gus an t-uallach air an sporan phoblach a lùghdachadh.

Bu mhath leam mo thaing mhòr a thoirt do mo cho-obraichean air a’ Bhòrd agus do bhuill an Sgioba Ceannais Ro-innleachdail, an dà chuid san àm a dh’fhalbh agus aig an àm seo, airson an seirbheis agus an dìcheall thar nam bliadhnaichean.

"Bu mhath leam taing a thoirt do luchd-obrach air feadh na buidhne, eadar na sgiobaidhean loidhne-aghaidh againn aig na puirt-adhair agus sgiobaidhean taic agus prìomh oifis, airson an cuid dealais agus dìoghrais anns an t-seirbheis a bheir iad seachad.

"Cuideachd bu mhath leam mo thaing mhòr a thoirt do mo cho-obraichean air a’ Bhòrd agus do bhuill an Sgioba Ceannais Ro-innleachdail, an dà chuid san àm a dh’fhalbh agus aig an àm seo, airson an seirbheis agus an dìcheall thar nam bliadhnaichean.

Tha puirt-adhair HIAL nam pàirt ro-chudromach de lìonra còmhdhail na h-Alba, agus ged a bhios amannan dùbhlanach romhainn, tha mi cinnteach gun dèilig an neach a thig às mo dhèidh ris na dùbhlain sin leis an aon taic àrd-ìre is àrd-chàileachd bho bhuill a’ Bhùird agus bho cho-obraichean air feadh na Companaidh.

Tha na h-Aithisgean Bliadhnail agus Cunntasan rim faighinn sa Bheurla agus sa Ghàidhlig 

 

Published: 19th December 2025