HIAL a’ leudachadh Trèanadh Mothachaidh Gàidhlig

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta (HIAL) a’ lìbhrigeadh prògram de thrèanadh Mothachaidh Gàidhlig do luchd-obrach.

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta (HIAL) a’ lìbhrigeadh prògram de thrèanadh Mothachaidh Gàidhlig do luchd-obrach mar phàirt de dh’oidhirp gus cleachdadh na Gàidhlig a  bhrosnachadh agus a leudachadh ann an Alba.

Ghabh bòrd agus àrd-sgioba stiùiridh na companaidh pàirt ann an cùrsa a bha a’ coimhead air eachdraidh a’ chànain, a h-àite ann an Alba san latha an-diugh agus mar a tha ro-innleachd chorporra agus Plana Gàidhlig HIAL co-ceangailte.

Thuirt Cathraiche HIAL, Lorna Jack: “Tha HIAL ann an deagh shuidheachadh far am bi sinn a’ cur fàilte air àireamh nach beag de luchd-turais agus luchd-tadhail do dh’Alba agus gu tric, ’s e seo a’ chiad turas a tha iad air eòlas fhaighinn air beatha na Gàidhealtachd no nan eilean.

“Ghabh mi pàirt anns a’ chùrsa agus tha fios agam gun robh sinn uile a’ cur fàilte air a’ chothrom barrachd ionnsachadh mu eachdraidh chultarail na Gàidhlig.  Bha e cuideachd na thogail-inntinn dhomh fhaicinn gu bheil an uiread de dhaoine de gach aois fhathast a’ cur luach mòr anns a’ chànan agus sa cheòl.  Tha Gàidhlig freumhaichte ann an tòrr de na coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh agus tha sinn a’ gabhail ceumannan gus dèanamh cinnteach gu bheil na puirt-adhair agus na seirbheisean againn ag aithneachadh seo.”

Thuirt Ms Jack gu bheil HIAL a’ brosnachadh luchd-labhairt na Gàidhlig gu gnìomhach a bhith air bòrd na companaidh nuair a bhios àiteachan bàna ann, agus gu bheil fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ cur a-steach airson a h-uile dreuchd taobh a-staigh HIAL.

Feuchaidh HIAL cuideachd ri mothachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh taobh a-staigh na buidhne, le fòcas sònraichte air luchd-obrach a tha ag obair le custamairean.  Bidh seo a’ gabhail a-steach trèanadh mothachadh cànain do luchd-obrach agus goireasan briathrachais sònraichte do luchd-obrach puirt-adhair.  Bidh HIAL cuideachd ag ath dhèanamh eacarsaich a rinneadh roimhe leis an luchd-obrach air fad gus faighinn a-mach dè na comasan agus na riatanasan a th’ aca - agus dè na riatanasan a th’ aig luchd-siubhail - gus an urrainn do phrìomhachasan san àm ri teachd taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann am puirt-adhair HIAL.  

Air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal, chaidh an seisean a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus bha Megan NicGill-Fhaolain, Oifigear Conaltraidh aig Bòrd na Gàidhlig an làthair aig an trèanadh cuideachd. 

Thuirt i: “Tha sinn toilichte taic a thoirt do na seiseanan trèanaidh seo tron ​​sgeama GLAIF againn (Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig) agus tha sinn cinnteach gum bi seo na bhuannachd agus na chuideachadh do luchd-obrach agus do bhuill a’ bhùird ann a bhith a’ buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig as ùire aca. 

“Faodaidh gach ùghdarras poblach aig a bheil Plana Gàidhlig reachdail cuir a-steach airson maoineachadh GLAIF agus aig an àm seo an-uiridh shoirbhich le HIAL san tagradh aca.  Tha sgeama GLAIF na bliadhna seo fosgailte gu 22 Giblean 2021.”

Thuirt Inglis Lyon, Manaidsear-stiùiridh HIAL: “Bha àite cudromach riamh aig a’ Ghàidhlig ann an conaltradh le luchd-cleachdaidh agus leis na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh; ach, tha sinn ag aideachadh gun urrainn dhuinn agus gum bu chòir dhuinn a dhol nas fhaide agus dèanamh cinnteach gu bheil tuigse nas fheàrr aig a h-uile neach-obrach againn air cho cudromach ’s a tha an cànan, ge b’ e a bheil Gàidhlig aca gus nach eil.

“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le Fèisean nan Gàidheal agus grunn de na sgiobaidhean ionadail againn gus goireasan a bharrachd a chruthachadh a chuireas ri ar mothachadh air a’ Ghàidhlig tron bhuidhinn air fad.”

View this article in English.

Published: 8th April 2021