Luachan na Companaidh
Faic an duilleag seo sa Bheurla / View this page in English
Tha a bhith a’ cruthachadh bhuannachdan sòisealta agus soirbheas eaconamach le bhith a’ togail buidheann phort-adhair seasmhach Albannach airson an àm ri teachd aig cridhe obair HIAL.
Tha seo stèidhichte air an lèirsinn againn a bhith nar buidheann phort-adhair roinneil le cothromachadh-carboin.
Le cultar làidir air a stiùireadh le luachan, tha na h-àrd-amasan sin a’ toirt taic do lìbhrigeadh ar prìomhachasan ro-innleachdail, stèidhichte air:
Sàbhailteachd - Tha sinn dealasach mu na daoine, mu na coimhearsnachdan, mun luchd-siubhail agus mu na com-pàirtichean againn. Tha sàbhailteachd aig cridhe gach rud a nì sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn fhèin agus daoine eile tèarainte agus sunndach.
Spèis - Bidh sinn ag àrach cultar a tha in-ghabhalach agus far a bheil daoine air am meas. Tha sinn a’ cur spèis sna h-eadar-dhealachaidhean aig daoine fa leth leis a bheil sinn ag obair, aig ar custamairean agus aig ar coimhearsnachdan. Bidh sinn ag obair le ionracas agus sinn a’ smaoineachadh air daoine eile.
Obair-sgioba - Tha sinn a’ cur luach anns na tha na daoine agus na com-pàirtichean a’ cur ris a’ bhuidhinn againn. Bidh sinn ag obair còmhla gus ar n-amasan a choileanadh agus gus ar seirbheisean a lìbhrigeadh aig na h-ìrean as àirde.
Sàr-mhathas - Tha sinn moiteil às an obair againn agus bidh sinn daonnan a’ sireadh chothroman leasachaidh agus tha sinn daonnan fosgailte do bheachdan ùra. Tha sinn daonnan a’ sireadh dhòighean-obrach ùra a lìbhrigeas obrachadh èifeachdach agus a lùghdaicheas a’ bhuaidh againn air an àrainneachd.