Mu ar deidhinn

Mu ar deidhinn

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta (HIAL) an urra ri stiùireadh agus ruith 11 puirt-adhair roinneil a tha a’ frithealadh cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche san dùthaich: ann am Barraigh, Beinn na Faoghla, Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Dè, Inbhir Nis, Ìle, Kirkwall, Steòrnabhagh, Sumburgh, Tiriodh agus Inbhir Ùige Taigh Iain Ghròt.

Ag obair le ar com-pàirtichean agus luchd-ùidh, tha sinn dealasach a thaobh a bhith a’ toirt taic dhan ròl shòiseo-eaconamach dheatamach aig seirbheisean adhair ann an Alba le bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh nam port-adhair agus nan seirbheis riatanach agus ceanglaichean a bheir iad seachad .

Mar chompanaidh earranta phrìobhaideach a tha fo làn shealbh Mhinistearan na h-Alba, bidh HIAL a’ faighinn shubsadaidhean bho Riaghaltas na h-Alba a rèir earrainn 34 de dh’Achd na h-Itealanachd Sìobhalta 1982 agus bidh e a’ faighinn taic bho Chòmhdhail Alba – Buidheann-stiùiridh Itealain, Mhuireil, Bathair is Chanàlan.

Tha na prìomh ghnìomhan againn a’ gabhail a-steach:

  • A’ ruith phuirt-adhair a bhios a’ leantainn inbhean riaghlaidh agus a’ cumail taic ri ceangailteachd còmhdhail riatanach.
  • A’ cumail suas agus a’ leasachadh bun-structar agus seirbheisean puirt-adhair
  • Ag obair le companaidhean-adhair is luchd-ùidh eile gus a bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh seirbheisean adhair sgeidealaichte, air siartair, agus bathair

A’ cur ris an teachd a-steach choimeirsealta againn gus am bi an gnìomhachas nas ath-leumaiche.